Na Luing Air Seoladh
Tha sinn uile air cuan
Stiureadh cuairt troimh ar beatha
A' seoladh geola dhorch
Air chall an greim na mara
Tha a'ghaoth air ar cul
Tha a' gheol a' cumail roimhe
'S cha dean uair no an cuan
Tonaisgh dhuinn no rian
A' mhuir tha I ciuin
Tha I fiadhaich tha I farsainn
Tha I alainn tha I diamhair
Tha I gamhlasach is domhain
O ach sin tha sinn dall
'S chaneil againn ach beatha
Tog an seol, tog an ramh
Gus an fhaigh sinn astar ann
Ach tha mi'n duil, tha mi'n duil
Nuair a bhios a' ghrian dol fodha
Chi iad mi a' stiuireadh 'n iar
Null a dh'Uibhist air a' chearcal
Cearcal a' chuain
Gu brath bidh I a' tionndadh
Leam gu machair geal an lar
Far an do thoisich an la