Turas san lochmor
An nì a bha nam inntinn gun inns mi dhuibh an rann:
Gu falbhainn dh'aindeoin sìde air sgrìob do thìr nan Gall
Le baga làn de chearcan agus rudan a bha gann –
Gum bithinn aig Bliadhn' Ùir ann 's gun chùmhnadh air an dram
Diciadain dh'fhalbh mi casruisgt' le mo bhagaichean nam dhòrn
A' dol a Loch nam Madadh ghabhail aiseag san Lochmor;
Bha fuachd na mo chasan-sa 's bha sneachd' air bhàrr nan lòn ‑
Cha dìochuimhnich mi 'n t‑allaban cho fad' 's a bhios mi beò
Nuair ràinig mi a' cheàrdach, àrdach duine chòir
A thug a‑staigh gun dàil mi 's a nochd dhomh càirdeas mòr
Thug dhomh tì a b' fheàirrde mi ri aghaidh bhlàth an stòbh ‑
Gu seasainn fuachd nuair dh'fhàg sinn le mo chaiseart blàth 's lem chòt'
Nuair dh'fhalbh an carbad-ola leinn 's ar n‑aghaidh thoir dhan tuath
Bha sinn greis an Cearsabhagh a' blasad air stuth cruaidh;
Gun tàinig Bean na Maise 's am muir geal oirre mun cuairt
'S chanainn fhìn gum b' amadan a rachadh innt' air chuan
Nuair thog i mach gu farsainneachd, 's sinn airsnealach is sgìth
Nuair thòisich cur na mara oirnn, bu mhath a bhith air tìr;
Bha mise mar bha càch, le spàirn orm a' strì ‑
An drama dh'òl mi 'n Cearsabhagh, bu duilich dhealaich sinn
On ear‑dheas bha i sèideadh oirnn, gun choltas tighinn na b' fheàrr
Bha sinn uil', oir b' fheudar dhuinn, nar sìneadh air an làr;
Nuair readh i sìos dhan chlaisidh leinn 's am muir a' sgailceadh àrd
Bha cùram air gach neach againn nach tilleadh i gu bràth
B 'e siud an oidhche ànranach a bh' againn anns a' bhàt'
Ach ràinig sinn Loch Baghasdail le dìon an Tì as Àird;
Thug mi leam mo bhagaichean agus thàrr mi às a' bhàt' ‑
Chan fhanainn‑sa na b' fhaid' innte ged rachainn dhan taigh-gheàrd!
Fhuair mi cadal socair ann an dachaigh dhaoine còir
Aig Maiseig Ruadh, 's mo ghràdh oirre, oir nochd i càirdeas dhòmhs':
Guma fada slàn i, oir 's bàidheil i na dòigh
Gu gabhail ro aon ànranach a dh'fhàgadh an Lochmor
Mun crìochnaich mi an t-òran seo, gun inns mi dhuibh an còrr:
A‑màireach thill mi dhachaigh agus botal na mo phòc;
Chruinnich sinn na càirdean gu pàrtaidh dhe gach seòrs'
Is cha robh h‑aon a thàinig leinn a chàineadh an Lochmor!